Cumhaichean-cleachdaidh

Tha làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba ga rianachd le Buidheann Chorporra Pàrlamaid na h-Alba (SPCB). Tha an duilleag seo a' cur an cèill dhuibh mu na cumhaichean air am faod sibh làrach-lìn. Leughaibh na cumhaichean-cleachdaidh seo mas e ur toil e mus tòisich sibh a’ cleachdadh làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Le bhith a' cleachdadh làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba, tha sibh a' leigeil fios gu bheil sibh a' gabhail ris na cumhaichean-cleachdaidh seo agus gu bheil sibh ag aontachadh cumail riutha.

Cothrom

Faodaidh sibh cothrom fhaighinn air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba agus a cleachdadh air adhbhar laghail sam bith. Tha sibh ag aontachadh gun an làrach-lìn a chleachdadh air a leithid de dhòigh a bhriseas a-steach air, a bhuineas ri no a chumas srian ri cleachdadh na làraich-lìn le luchd-cleachdaidh eile. Tha cleachdadh na làraich-lìn fo smachd  Poileasaidh SPCB mu Chleachdadh Ris an Gabhar

Còraichean air Seilbh Inntleachdail

Faodaidh sibh copaidh a chlò-bhualadh, no stuth a luchdachadh a-nuas bho làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba fhad is a nithear seo a rèir Poileasaidh SPCB mu Chòraichean.

Fiosrachadh mur deidhinn agus mu dheidhinn a bhith a' tadhal air an làraich

Faodaidh SPCB fiosrachadh mur deidhinn ullachadh ach thèid seo a dhèanamh a rèir Cothrom na Fèinne agus gu laghail a rèir Poileasaidh SPCB mu Phrìobhaideachd.

Rabhadh

Nì SPCB oidhirpean reusanta a rèir nan inbhean is nam modhan teicnigeach na broinn gus nach bi ach an ìre as lugha de mhearachdan is de ghàbhadh do luchd-cleachdaidh làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba. Faodaidh ge-tà gum bi mearachdan ann an cuid de dh’fhaidhlichean a dh'fhaodar luchdachadh a-nuas agus gum bi cuid de raointean air an làraich air nach eil cothrom, ri linn duilgheadasan teicnigeach no eile. Cha bhi an SPCB buailteach mas e air adhbhar sam bith nach eil cothrom air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba aig àm sam bith fad ùine sam bith.

Chan eilear an rùn gun gabhar ri stuth a chuirear air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba mar chomhairle sam faodar earbsa a chur agus cha bhi an SPCB buailteach airson earbsa sam bith a chuirear na leithid de stuth le neach sam bith a chleachdas an làrach-lìn, no le neach sam bith dhan tèid stuth sam bith oirre a chur an cèill.

Chun na h-ìre a cheadaichear leis an lagh, tha an SPCB gu follaiseach a’ dùnadh a-mach choingeall, bharrantasan agus chumhaichean eile a dh’fhaodadh a bhith air an seaghachadh air mhodh eile le reachd no leis an lagh chumanta agus tha an SPCB a’ dùnadh a-mach buailteachd sam bith do chall no do dhochair gu dìreach, neo-dhìreach, no an dèidh làimhe le cleachdaiche sam bith ceangailte ri làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba no ceangailte ri cleachdadh, gun chothrom air cleachdadh, no toraidhean a bhith a’ cleachdadh làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba, làraichean-lìn sam bith ceangailte rithe agus stuth sam bith a chuirear oirre. Chan seo a’ bualadh air buailteachd SPCB do bhàs no do leòn pearsanta ag èirigh à dearmadachd, mì-riochdachadh eadarnach no buailteachd sam bith eile nach gabh a dhùnadh a-mach no crìoch a chur rithe fon lagh iomchaidh.

A’ ceangal ri làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba

Tha an SPCB a’ fàilteachadh is a’ brosnachadh làraichean-lìn eile gus ceangal ri gin sam bith de na duilleagan air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba, fhad is a nì thu e ann an dòigh nach mill a’ chliù a tha oirnn no nach gabh brath oirre, agus chan fhaodar làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba a chumadh air làrach-lìn sam bith eile.

Ceanglaichean bho làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba

Nuair a bhios ceanglaichean air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba ri làraichean-lìn is goireasan a bhios treas pàrtaidhean a’ toirt seachad, thathar a’ toirt nan ceanglaichean seo dìreach mar fhiosrachadh dhuibh. Chan eil smachd air SPCB air susbaint nan làraichean-lìn no nan goireasan sin, agus chan eil i gabhail buailteachd sam bith dhaibh.

Mùthaidhean

Faodaidh gun atharraich an SPCB na cumhaichean-cleachdaidh seo aig àm sam bith le bhith ag atharrachadh na duilleig seo agus bu chòir dhuibh sùil a thoirt air an duilleig seo bho àm gu àm gus aire a thoirt do dh’atharrachaidhean sam bith a chaidh a dhèanamh. Faodaidh gum bi feadhainn de na h-ullachaidhean sna cumhaichean-cleachdaidh seo air an cur à àite cuideachd le ullachaidhean no fios air fhoillseachadh ann an àiteachan eile air làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba.

Tapadh leibh airson làrach-lìn Pàrlamaid na h-Alba a chleachdadh.